Gaelic: Ceist Ghàidhlig: ‘briathran gun bhrìgh’

THA e sna naidheachdan (An t-Albannach 30 Màrt) gu bheil ùghdarrasan na Gàidhlig air gearan a thogail le Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir cothrom a bhith againn bhót a chur san Reifreann ann an Gàidhlig ma thogras sinn.

Ge-tà, bhiodh aig a’ chuid as motha dhuinn tionndadh dhan a’ Bheurla oir se glé bheag a fhuair teagaisg ann a bhith a’ leughadh a’ chiad chainnt aca.

Car son nach eil Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh am barrachd airson gum b’ urrainn daoine a’ Ghàidhlig a leughadh ’s a sgrìobhadh ’s a thuigsinn?

Tha feum air sealladh nas susbaintiche air margaidheachd agus air “reic na Gàidhlig”.

Se rud math ìomhaigh na Gàidhlig adhartachadh gu poblach. Ach ceist sgrìobhte nach eil daoine comasach a leughadh? Cha bhiodh ann ach suaicheantas gun seagh, briathran gun bhrìgh.

Ailean Dòmhnullach

Dare to be Honest
Follow us
© 2026 Iconic Media Group Ltd. All rights reserved.Cookie SettingsTerms and ConditionsPrivacy notice